Tha dualchas cultarach a’ gabhail a-steach na cleachdaidhean traidiseanta no na modhan-beatha a tha beò am measg bhuidhnean agus choimhearsnachdan, nithean mar bheul-aithrisean, ealainean taisbeanail, cleachdaidhean sòisealta, deas-ghnàthan, tachartasan fèille, eòlas agus cleachdaidhean co-cheangailte ri saoghal nàdair agus an cruinne-cè no an t-eòlas agus na sgilean a dh’fheumte airson obraichean ceàirde traidiseanta. Ged nach biodh iad sin so-bheantain – cha ghabh an làimhseachadh – ’s e pàirt glè chudromach a th’ annta de ar dualchas cultarach. ’S e Dualchas Cultarach Do-bheantainn (DCD) a tha seo, seòrsa de dhualchas beò a tha air ath-chruthachadh gun sgur agus a tha a’ fàs beag air bheag mar a tha coimhearsnachdan ag atharrachadh an cleachdaidhean agus an cuid dualchais a rèir mar a tha an àrainneachd aca ag atharrachadh.
Ann an dàimh ri ar dualchasan fhèin, tha e a’ toirt dhuinn dearbh-aithne agus faireachdainn gum buin sin do dh’àite agus, a’ leantainn air sin, tha e a’ toirt dhuinn urram do agus tuigse air dualchasan dhaoine eile. ’S ann aig daoine a tha am prìomh àite ann a bhith cruthachadh DCD agus ga thoirt air adhart. ’S iad na coimhearsnachdan, cruinn còmhla, a tha a’ cruthachadh, a’ giùlan agus a’ sgaoileadh DCD. Faodaidh gum bi dreach de dhualchas cultarach do-bheantainn aig aon choimhearsnachd a bhios coltach ri cleachdadh a bhios aig coimhearsnachd eile.
Ged a dh’fhaodas toraidhean làimhseachail no neo-làimhseachail a bhith aig riochdan de DCD, ’s e am prìomh eadar-dhealachadh eadar dualchas cultarach do-bheantainn agus fear so-bheantainn gu bheil a’ chiad fhear a’ toirt dhuinn eisimpleirean beò de obair chruthachail agus innleachach dhaoine, a tha freumhaichte sa choimhearsnachd.
Tha Alba a’ dèiligeadh ri DCD ann an dòigh in-ghabhalach, dòigh a tha toirt spèis do dh’iomadachd nan coimhearsnachdan ann an Alba. A’ cur taic ri sin tha Còmhdhail UNESCO 2003 airson Dìon a chur air Dualchas Cultarach Do-bheantainn, a tha a dh’aona-ghnothach airson gum biodh mothachadh ann air DCD agus spèis air a thoirt dha agus gum biodh e air a dhìon air feadh an t-saoghail.
Mun Làrach-lìn Seo
Tha an làrach-lìn seo a’ togail air làrach a chaidh a chur air bhonn le Oilthigh Napier Dhùn Èideann, air a mhaoineachadh le AHRC, agus a chaidh a chur a-null gu Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba (TGA) san t-Samhain 2011.
Tha TGA air an làrach ùr a leasachadh gus a dhèanamh nas fhasa do luchd-cleachdaidh nuair a tha iad a’ rannsachadh / a’ brabhsadh na làraich no a’ cur stuth rithe.
’S iad amasan na làraich
- cunntas beothail a thoirt seachad air cleachdaidhean DCD ann an Alba
- mothachadh a thogail san fharsaingeachd air DCD ann an Alba
Mu Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba
’S iad Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba a’ Bhuidheann Leasachaidh Nàiseanta airson roinn nan taighean-tasgaidh ann an Alba. ’S i an dreuchd a th’ againn a bhith ag obair còmhla ri càch gus airgead a chur ri roinn nan taighean-tasgaidh is gailearaidhean ann an Alba agus an toirt air adhart ann an dòigh sheasmhach, agus sin a rèir nan amasan aig ‘A’ Dol Nas Fhaide: An Ro-innleachd Nàiseanta airson Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba.’
Tha sinn ag obair le roinn anns a bheil còrr is 400 taigh-tasgaidh is gailearaidh, a’ toirt taic dhaibh agus cothrom an cinn-uidhe a ruighinn ann an diofar dhòighean, a’ gabhail a-steach a bhith toirt dhaibh airgead-tasgaidh ro-innleachdail, comhairle, a’ tagradh às an leth agus cothroman trèanaidh airson sgilean ùra.
’S e buidheann neo-riaghaltais (NGO) a th’ ann an TGA a tha air a h-aithneachadh le UNESCO mar chomhairleach eòlach airson na Còmhdhail 2003 airson Dìon a chur air Dualchas Cultarach Do-bheantainn, agus tha i a’ gabhail pàirt gnìomhach anns an Fhòram ICH NGO.